Clàrachadh Do Ghnìomhachais

Airson do ghnìomhachas a chur ris feumaidh cunntas a bhith agad air an làrach. Ma tha cunntas agad mar-thà faodaidh tu "soidhneadh air" chun làraich. Airson cunntas a chruthachadh air an làrach rach gu duilleag "Rach air Liosta". An sin thèid iarraidh ort ainm-cleachdaidh a thaghadh agus an uair sin do sheòladh puist-d agus d' ainm a chur ris. Nuair a bhios tu air leughadh is aontachadh Na Cumhachan air Fad airson an làraich, brùth air putan "Clàraich Mo Chunntas" airson do chunntas a chlàradh. Thèid post-d a chur thugad le ceangal a dh'fheumas tu a thadhal gus dearbhadh gu bheil còir agad air an t-seòladh puist-d a thug thu aig àm clàraidh. Bheir am post-d dhut d' fhacal-faire ro-shuidhichte (faodaidh tu seo atharrachadh an dèidh dhut logadh a-steach). An dèidh dhut bruthadh air a' cheangal gnìomhachaidh, "soidhn' a-steach" chun làraich. Faodaidh tu an uair sin do ghnìomhachas a chur ris le bruthadh air ceangal "Cuir ris fiosrachadh mu ghnìomhachais ùr".

Tha clàrachadh gnìomhachais ann an 5 ceuman sìmplidh. Chan fhaod thu an liosta a chur air falbh gus am faighear gach fiosrachadh a dh'fheumar. Taisbeanaidh bruthadh ann an gin sam bith de na raointean pìos teacsa cuideachaidh goirid a' mìneachadh an fhiosrachaidh a thathar ag iarraidh.

1. Coitcheann

Thèid iarraidh ort ainm do ghnìomhachais a thoirt seachad agus geàrr-thuairisgeul mun ghnìomhachas agad. Thèid faighneachd dhut a bheil thu airson fiosrachadh sa Ghàidhlig a chlàrachadh airson a' ghnìomhachais. Tha seo a' toirt cothrom dhut fiosrachadh eadar-dhealaichte a chur ris gus am faic luchd-cleachdaidh a' brobhsadh an làraich ann an Gàidhlig a' chuid as motha de na raointean teacsa airson do ghnìomhachais. Faodaidh tu gluasad chun an ath cheum a' cleachdadh a' cheangail, no le bruthadh air an tab le àireamh.

2. Seòladh

Cuir do sheòladh agus seòladh-lìn do ghnìomhachas an seo. Feumaidh tu do chòd puist a chur a-steach. Gheibh thu do chòd puist bho làrach-lìn a' Phuist Rìoghail (http://www.royalmail.co.uk) mur eil fios agad air.

3. Roinn

Feumaidh tu roinn a thaghadh airson do ghnìomhachais. Mus cuir thu a-steach d' fhiosrachadh mun ghnìomhachas 's dòcha gum biodh e iomchaidh coimhead ri dè na roinnean anns a bheil gnìomhachasan eile coltach ris a' nochdadh gus am faigh thu a-mach dè an roinn as freagarraiche airson do ghnìomhachais. Ma tha do ghnìomhachas an sàs ann an diofar seòrsa obair gnìomhachas, faodar do ghnìomhachas a chlàrachadh anns a h-uile roinn a bhios iomchaidh, ach feumaidh tu fios a chur gu rianaire làraich airson nan roinnean eile a chur ris. Bidh a' chuid as motha de ghnìomhachasan a' faighinn aon roinn fhreagarrach.

4. Luchd-eòlais

Faodaidh tu iomadh seòrsa neach-eòlais a chur a-steach airson do ghnìomhachais. Tagh an seòrsa neach-eòlais bhon liosta taghaidh (eg Fòn, Facs msaa.). Cuir a-steach am fiosrachadh neach-eòlais anns an raon "Susbaint". Mar as trice bidh an Tuairisgeul Neach-cleachdaidh air fhàgail falamh ach a-mhàin far a bheilear a' dèanamh dealachadh eadar dithis den aon seòrsa neach-eòlais. Mar eisimpleir:

Seòrsa Tuairisgeul Susbaint
Post-d info@example.com
Post-d Taic support@example.com

Faodaidh tu triùir luchd-eòlais a chur a-steach a' chiad uair a chuireas tu gnìomhachas ris. Faodaidh tu tuilleadh a chur ris an dèidh làimhe.

5. Tuilleadh

An dèidh na raointean sin a lìonadh a-steach (faodar raon Bhideo Hebrides.tv a chleachdadh airson ceangal ri bhideo air làrach-lìn Hebrides.tv) faodaidh tu do liosta a chur air falbh. Bidh cothrom agad ìomhaigh / dealbh a chur ris a' ghnìomhachas agad an dèidh làimhe.
An dèidh dhut gnìomhachas a chur air falbh bidh e air a sgrùdadh le rianaire làraich mus bi e ceadaichte airson fhoillseachadh air an làrach. Cuiridh rianaire fios thugad ma bhios ceistean sam bith mun chlàrachadh agad.